Usage:Computer/gd

From Scrabble3D Manual
Jump to: navigation, search
Warning.png This page is outdated! Please refer to the English page - and consider to translate it.


Tha iomadh dòigh ann gus an geama a chur air gleus.

Geamannan an aghaidh a' choimpiutair

Ma tha thu a' cluich an aghaidh a' choimpiutair leis na roghainnean bunaiteach ann, bidh na geamannan gu math cruaidh oir tha comas aige am facal as fhearr agus as fhaide a lorg seachd turais nas luaithe na rachadh aig mac an duine. Tha e math mar dhùbhlan ach cuideachd, ma tha thu airson buannachadh o àm gu àm, faodaidh tu a chur air dòigh gus nach bi e buileach cho glic tapaidh.

Fosgail na Roghainnean agus rach gun taba An coimpiutair. Fo Seòltachd a' choimpiutair chì thu bàr as urrainn dhut slaodadh. Tha e aig 100% a ghnàth:

File:Ancoimpiutair.jpg

Ma chuireas tu seo gu 50%, can, cha chluich an coimpiutair am facal a gheibh an sgòr as àirde ach an dàrna leth dhen tìde. Feuch e, 's fhiach e ma tha thu a' call fad na h-ùine 's chan e cealgaireachd a th' ann!

GeoLogo.png Language:

DeutschEnglishEspañolFrançaisGaeilgeGàidhligItalianoSvenska