Rules:Letters/gd
Tha 18 litrichean ann an aibidil na Gàidhlig mar a tha fios ach tha seata nan litrichean Gàidhlig air Scrabble3D car eadar-dhealaichte. Ged a tha 18 litrichean san aibidil, chan eil a' Ghàidhlig a' choimhead air cuid dhiubh mar litrichean leotha fhèin ach mar feadhainn a thig ann am buidheann. Mar eisimpleir, chan e c agus h a tha ann an ch ach aonad leis fhèin - dìreach mar a tha sh na Beurla.
Tha gach cànan a' làimhseachadh nan litrichean aca air dòigh eadar-dhealaichte agus on a tha badan de litrichean gu math cumanta ann an Scrabble (mar eisimpleir, the leacagan san t-seata Spàinnteach air a bheil LL, CH agus RR) agus on a tha Scrabble ann an Gàidhlig ag obair fada nas fhearr san dòigh sinn (dh'fheuch sinn an dà rud), gheibh thu an seata a leanas ann:
A À B BH C CH D E È F FH G GH I Ì L LL M MH N NN O Ò P PH R RR S SH T TH U Ù
33 uile gu lèir. 'S ciall dha sin gun fuirich litrichean mar sin còmhla sa gheama. Mar eisimpleir, ma tha thu airson chaidh a chur air a' bhòrd (abair facal luachmhor!), tha agad ris na leanas a chur air:
Air sgàth 's nach eil h sa gheama idir, chan eil cunnart gun cuir thu sìos rud mar c+h ach thoir an aire nach urrainn dhut r+r, l+l agus n+n a chur sìos a bharrachd; feumaidh tu nn, ll, rr air an dearbh leacag.
A bharrachd air ùmhlachd do dh'eachdraidh agus gnàthasan sgrìobhaidh a' chànain, bha sinn a' bheachdachadh air an luchd-ionnsachaidh cuideachd, gu h-àraid a' chlann, agus tha e nas fhearr a dhaingneachadh gu bheil iad seo 'nan aonadan.
Seo agaibh an seata gu lèir leis na luachan:
| Litir | Àireamh | Luach |
|---|---|---|
| A | 15 | 1 |
| À | 2 | 5 |
| B | 2 | 3 |
| BH | 1 | 2 |
| C | 3 | 3 |
| CH | 3 | 2 |
| D | 3 | 2 |
| DH | 3 | 2 |
| E | 7 | 1 |
| È | 1 | 6 |
| F | 1 | 5 |
| FH | 1 | 5 |
| G | 3 | 3 |
| GH | 1 | 5 |
| I | 11 | 1 |
| Ì | 1 | 6 |
| L | 3 | 2 |
| LL | 1 | 8 |
| M | 2 | 3 |
| MH | 1 | 5 |
| N | 4 | 1 |
| NN | 1 | 4 |
| O | 4 | 1 |
| Ò | 1 | 6 |
| P | 1 | 6 |
| PH | 1 | 1 |
| R | 5 | 1 |
| RR | 1 | 8 |
| S | 4 | 1 |
| SH | 1 | 1 |
| T | 3 | 3 |
| TH | 3 | 3 |
| U | 3 | 2 |
| Ù | 1 | 6 |
Tha na h-àireamhan seo stèidhichte air torr mòr de dh'fhaclan. Chan ann a-mhàin sin ach gabh sin san àireamh cuideachd de cho cumanta 's a tha faclan le uimhir de dh'fhaclan. Tha e ag obair glè mhath ach tha sinn a' cur fàilte air beachdan uaibh-se gun teagamh sam bith.
| Language: |
Deutsch • English • Español • Français • Gaeilge • Gàidhlig • Italiano • Svenska |