Network:Rating/gd

From Scrabble3D Manual
Jump to: navigation, search
Warning.png This page is outdated! Please refer to the English page - and consider to translate it.


Tha diofar dòighean ann gus faighinn a-mach dè cho math 's tha thu an coimeas ri cluicheadairean eile. Thathar a' cleachdadh rangachadh Élő ann an tàileasg agus rangachadh Buidheann Nàiseanta Scrabble (NSA) airson Scrabble agus feadhainn ionadail eile ann an cuid dhe na dùthchannan.

Ge be dè an siostam, tha àireamh nam puingean a gheibhear ma bhuannaichear 'ga àireamhachadh ron gheama a-rèir nan diofar rangachaidhean aig na cluicheadairean. Thèid àireamhachadh dè cho buailteach 's a tha cluicheadair air buaidh a-rèir an diofair seo agus thèid an luach seo iomadachadh le factar a dh'fhaodadh crochadh air dèanadas a' chluicheadair agus co mheud geama a chluich iad gu ruige seo. Tha Scrabble3D a' cur gu feum an rian NSA a chionn 's gu bheil e nas eadar-nàiseanta.

Gheibh gach cluicheadair rangachadh de 1000 puing a' chiad turas a chlàraicheas iad air frithealaiche a' gheama. Ma chluicheas dà dhuine aig a bheil an dearbh rangachadh, gheibh an neach a bhuannaicheas 15 puingean. Ma bhios barrachd air dithis a' cluich, thèid a h-aon a thoirt air falbh o àireamh nan cluicheadairean agus àireamh nam puingean a roinn leis an àireamh seo, 's e sin 15 puingean ma chluicheas dithis, 7.5 puingean ma chluicheas triùir (3-1=2; 15/2=7.5) agus 5 puingean ma chluicheas ceathrar (4-1=3; 15/3=5). Thèid àireamhachadh a dhèanamh airson gach cèile cluicheadair agus thèid an rangachadh atharrachadh d' a rèir. Mar eisimpleir, ma chluicheas ceathrar leis an dearbh rangachadh, gheibh an cluicheadair as fhearr trì air iomadachadh le còig puingean (15), an dàrna cluicheadair as fhearr dà air iomadachadh le còig puingean, thoir air falbh còig puingean air sgàth call an aghaidh a' chiad chluicheadair (2*5=10; 10-5=5). Caillidh an neach san treas àite còig puingean agus an neach san àite mu dheireadh 15 puingean. Thèid an rangachadh seo a shàbhaladh air frithealaiche a' gheama agus nochdaidh e ann an liosta nan cluicheadairean a chlàraich air an fhrithealaiche.

Chithear buaidhean ann an geama dithis sna dealbhan a leanas, a-rèir diofar nam puingean eatarra ron gheama.

Rangachadh NSA Rangachadh ÉLŐ

GeoLogo.png Language:

DeutschEnglishEspañolFrançaisGaeilgeGàidhligItalianoSvenska