Configuration:Dictionary/gd

From Scrabble3D Manual
Jump to: navigation, search
Warning.png This page is outdated! Please refer to the English page - and consider to translate it.


File:Config-dic gd.jpg
Uinneag nan roghainnean

Tha "faclair" am broinn a' gheama agus thèid a chleachdadh air dà dhòigh:

  • mar thùs nam faclan as urrainn dhan choimpiutair a chur air a' bhòrd nuair a chluicheas tu 'na aghaidh
  • mar inneal dearbhaidh gus na faclan a chuireas tu fhèin sìos a sgrùdadh, an dà chuid nuair a chluicheas tu an aghaidh a' choimpiutair agus an aghaidh dhaoine

Tha am faclair Gàidhlig sa gheama stèidhichte air dà fhaclair, Am Faclair Beag agus Dwelly. Tha an geama a' cleachdadh an dà chuid a ghnàth ach ma tha thu airson geama nas fhasa a chluich as aonais beartas nam faclan ann an Dwelly, 's urrainn dhut Dwelly a chur dheth sna roghainnean ma thèid thu gu Roghainnean > Faclair 's tu a' toirt air falbh a' chromag o Dwelly.

Chan eil Dwelly iomlan ann, thug sinn air falbh na faclan àrsaidh ann ris an robh daga (†) agus feadhainn eile nach eil cumanta idir idir sa chànan an-diugh.

Tha am faclair beagan nas lugha na feadhainn nan cànan eile (mu 130,000 uile gu lèir) ach thèid a chur am meud 's am Faclair Beag a' fàs.

GeoLogo.png Language:

DeutschEnglishEspañolFrançaisGaeilgeGàidhligItalianoSvenska