Network:Kibitzing/gd

From Scrabble3D Manual
Revision as of 10:41, 6 May 2012 by Ocye (Talk | contribs) (Created page with 'Tha gleus ann sa phrògram seo gus coimhead air geama a tha daoine eile a' cluich am dh'aontaicheas iad ris. Turas a bhios geama a' dol, 's urrainn do chuideigin geama poblach a …')

(diff) ← Older revision | Latest revision (diff) | Newer revision → (diff)
Jump to: navigation, search

Tha gleus ann sa phrògram seo gus coimhead air geama a tha daoine eile a' cluich am dh'aontaicheas iad ris. Turas a bhios geama a' dol, 's urrainn do chuideigin geama poblach a mholadh ('s iad a' briogadh air a' phutan gu h-àrd sa bhàr-inneal) dha na cluicheadairean eile ann. Bidh cunntas-beachd ann agus ma dh'aontaicheas a h-uile duine sa gheama sin, faodaidh neach sam bith eile air frithealaiche a' gheama coimhead air na h-iomairtean sa gheama agus pàirt a ghabhail sa chabadaich.

Ge-tà, cha bhi buaidh sam bith aca air a' gheama (mar eisimpleir, cha bhi cead bhòtaidh aca) agus 's urrainn do chluicheadairean a' gheama an geama a dhèanamh prìobhaideach a-rithist.

'S e kibitzing a chanar ris ann am Beurla (agus 's e kibitzer a tha ann an cuideigin a nì seo) ged a tha am facal seo nas cumanta sna Stàitean Aonaichte a chionn 's gun dàinig e o fhacal Yiddish a tha a' ciallachadh adharcan-luachrach.

GeoLogo.png Language:

DeutschEnglishEspañolFrançaisGaeilgeGàidhligItalianoSvenska